Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An t-Sultain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cal Mac

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba nach tòisich an tagradh air son seirbhisean aiseig son Cluaidh agus Innse Gall gu Foghar 2014. Tha cùmhnant Chaledonian Mhic a Bhriuthainn 'son na seirbhisean sin a' tighinn gu ceann gu h-oifigeal an ath bhliadhna ach thèid cùmhnant eadar-ama trì bliadhna a thoirt do Chal Mac. Thuirt Transport Scotland gun tèid an t-seirbhis ùr a mach mar aon chùmhnant. Bha rabhadh ann bho aonadh an RMT na bu thràithe air a mhios gun robh an riaghaltas am beachd dàil tri bliadhna a' chuir anns a phròiseas.

Òraid Nick Clegg

Cuiridh Ceannard nan Lib-Deamach, Nick Clegg, dìon an diùgh air riaghaltas na co-bhanntachd. Na òraid aig deireadh cho-labhairt a' phàrtaidh ann am Brighton, canaidh Mgr Clegg gu bheil obair na co-bhanntachd a' dearbhadh gu bheil feadhainn a tha air a bhith ga chàineadh cearr.

Brian Sweeney

Chàin Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba na comhairlichean a tha os cionn Seirbheis Smàlaidh Srath Chluaidh airson "failigidh agus laigse" anns a' bhuidhean. Thug a bhuidhean sgrùdaidh sùil gu h-àraid air an dòigh 'san deach àrd-oifigear na seirbis smàlaidh, Brian Sweeney, fhasdadh a-rithist goirid an dèidh dha an dreuchd fhàgail. Thuirt a' bhuidheann sgrùdaidh nach do rinn Mr Sweeney càil ceàrr ach chaidh a chàineadh 'son gun do sgrìobh e, ann am pàirt, an athaisg a mhol an aonta seo agus 'son a bhith aig coinneimh far an deach a chùis a dheasbad.

Syria

Tha dà bhom air spreadhadh aig toglaichean an airm 'sa phrìomh bhaile ann an Syria, Damascus. Cha deach duine a ghoirteachadh. Tha Arm Saorsa Shyria ag ràdh gur iad a bha air cùlaibh na h-ionnsaigh.

Prìosanach a teiche

Tha rannsachadh a' dol mun dòigh 'san do theich prìosanach à Cùirt an t-Siorraidh ann am Baile Dhuthaich feasgar an dè. Chan eil e soilleir am bheil an duine fhathast ma sgaoil. Bha e fo chùram na companaidh tèarainteachd G4S ach theich e mach air uinneig. Cha chanadh Poilis a' Chinn a Tuath 'sa mhadainn an diùgh am bheil an duine fhathast ma sgaoil.

Rannsachadh air ailse

Tha rannsachadh bho Oilthigh Dhùn Eideann ag ràdh nach eil daoine bho mhion-chinnidhean cèin ann an Alba cho buailteach fulang le ailse. Fhuair iad gur e sliochd Innseanach 's lugha cunnart bho aillse agus sliochd Sìonach an deidh sin. Theid am fiosrachadh a' chleachdadh ann am polasaidh 'son cùram agus leigheas ailse.

Ceist mu Bhùth Ratharsair

Thèid foighneachd de mhuinntir Ratharsaidh aig coinneamh phoblach a-nochd a bheil iad 'son bùth an eilein a ghabhail thairis. Tha am boireannach aig a bheil a bhùth an dràsda ga reic agus tha beachd ann gu faodadh a choimhearsnachd a' ghabhail thairis agus a chumail a' dol.