Dàil air aiseag Mhuile

  • 26 An t-Sultain 2012
MV Isle of Mull Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption An MV Isle of Mull a' fàgail Creag an Iubhair

Bha suas ri 100 luchd-siubhail air fhàgail air bòrd a' bhàt-aiseig an Isle of Mull Dimàirt ri linn na droch aimsire.

Cha robh e comasach faighinn a-steach dhan Òban air sgath na gaoithe làidire.

Sia UaireandeThìde

Air là ciùin tha an t-seirbheis eadar Creag an Iubhair agus an t-Òban a' toirt 45 mionaidean, ach Dimàirt bha luchd-siubhail air a' bhàta airson sia uairean de thìde.

Ràinig an seòladh 10.55m a cheann-ùidhe air an oidhche.

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gur i gaoth a bha a' ruighinn 70 mìle san uair a dh'adhbharaich an dàil.

Bha an aiseag fadalach a' tilleadh gu Muile cuideachd air a sgàth.