Neach-Gairm aig a' Choimisean

  • 26 An t-Sultain 2012
Susan Walker Image copyright Coimisean ùr na Croitearachd
Image caption Tha Susan walker a Slèite air a bhith na croitear airson 30 bliadhna

Chaidh Susan Walker à Slèite, ainmeachadh mar a' chiad Neach-Gairm air Coimisean ùr na Croitearachd.

Chaidh an Coimisean ùr a stèidheachadh bho chionn sia mìosan 's tha iad air a bhith às aonais Neach-Gairm bhon uair sin.

Tha a' Bh.Ph. Walker air a bhith na croitear airson 30 bliadhna, agus 's i co-ùghdar 'The State of Crofting in Camuscross' - aithisg air croitearachd san sgìre aice fhèin.

Cothrom air leth

Tha Coimisean ùr na Croitearachd air a dhèanamh suas le sianar bhall a tha na croitearan fhèin a' taghadh 's tha an Riaghaltas a' taghadh an triùir eile.

'S ann air Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, a tha an t-uallach airson an Neach-Gairm a thaghadh.

Thuirt Mgr Wheelhouse: ''S e cothrom air leth a th' ann dhi le atharrachadh mòr a' dol a thighinn air a' ghnìomhachas anns na bliadhnaichean ri teachd.''

Thuirt a' Bh.Ph. Walker: ''Tha mi a' coimhead air adhart ris an obair agus a bhith a' brosnachadh croitearachd le riaghaladh eifeachdach.''