Cùmhnantan son an A9

Obair-rathaid Bu chòir an obair-togail tòiseachadh ann an 2015

Sgeulachdan co-cheangailte

Chaidh a' chiad cheum a ghabhail ann a bhith a' dèanamh rathad an A9 eadar Peairt agus Inbhir Nis dà-fhillte.

Thug Riaghaltas na h-Alba dà chùmhnant mòr do chompanaidhean comhairleachaidh innleadaireachd agus àrainneachd.

Tha dùil gum bi an rathad dà-fhillte eadar an dà bhaile ro dheireadh 2025.

Thathas a' dèanamh dheth gur e a' phròiseict seo, a chosgas £3bn uile gu lèir, tè dha na pròiseictean-togail as motha ann an eachdraidh na h-Alba.

Bheir an obair san dà chùmhnant seo tuigse nas fheàrr do Chòmhdhail na h-Alba air slighe an rathaid agus bheir e bun-stèidh dhaibh son planaichean nas mionaidiche.

Nì a' chompanaidh Halcrow a' chiad sgrùdadh àrainneachd agus chaidh Jacobs fhastadh son a' chiad ìre de dh'obair-innleadaireachd.

Dùbhlain

Thèid coimhead air ciamar a ghabhas an obair a roinn a-mach son gun tèid a dhèanamh mar dhiofar phròiseictean.

A' foillseachadh nan cùmhnantan thuirt Ministear na Còmhdhail, Cè Brown, gu bheil adhartas ga dhèanamh sa phròiseict thoinnte, dhùbhlanaich.

Thuirt e gum biodh rathaidean nas sàbhailte ann ri linn agus gun tigeadh buannachdan eaconamach na chois.

Tha dùil aig Còmhdhail na h-Alba taisbeanaidhean poblach a chuir air dòigh ann an coimhearsnachdan faisg air an rathad tràth san Dùbhlachd.

Thèid mìneachadh ann an sin na dùbhlain a th' ann agus bi cothrom aig daoine an cuid draghan a thoirt dhan fhollais.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.