Coinneamh air cumhachd ath-nuadhachail

  • 25 An t-Sultain 2012
Crann-gaoithe
Image caption Cothroman mòra air fàire dha na h-eileanan ril linn cumhachd ath-nuadhachdail.

Bidh coinneamh ann an Steòrnabhagh Diardaoin airson fiosrachadh a thoirt do chompanaidhean ionadail mu chothrom air obair co-cheangailte ri leasachadh air cumhachd ath-nuadhachdail.

Tha a' buidheann Energy North a' tarraing ri chèile companaidhean a tha an sàs sa ghnìomhachas mu thrath agus feadhainn air tìr mòr a tha an lùib gnìomhachas na h-ola.

Cothroman mòra

Tha cothroman mòra air fàire do chompanaidhean ionadail a-rèir Stiùiriche Leasachaidh Comhairle nan Eilean Siar, Calum Iain MacIomhair.

''Tha fios againn gu bheil diofar ìrean gu bhith anns na cumhnantan.''

''Feumaidh companaidhean ionadail tuigsinn càite bheil na cothroman sin gu bhith ann dhaibh.''

''Tha cothroman gu bhith ann agus bu chòir companaidh sam bith a tha a' faicinn cothrom a bhith a-staigh a' bruidhinn ri Energy North.''

''Tha aca ri dhèanamh follaiseach dha na companaidhean mòra gu bheil iad ann agus a' cur na b'urrainn dhaibh a dhèanamh air beulaibh na companaidhean sin.''

£20 millean

Tha tomhais ann gu tig £10 millean gach bliadhna dhan choimhearsneachd ann am maoineachadh bho sgeumaicheachan ath-nuadhachdail.

''Tha mu thimcheall air £10 millean a h-uile bliadhna gu bhith ann dhan a' choimhearsnachd.''

''Ma chuireas a' choimhearsnachd ris a sin not airson a h-uile not a tha tighinn a-steach bi £20 millean aig a' choimhearsnachd gach bliadhna.''

''Bi e an urra ris a' choimhearsnachd fhèin de a tha iad dol a dhèanamh leis a sin," thuirt Mgr MacIomhair.

Bidh a' choinneamh ann Diardaoin aig 1145m aig oifisean HIE ann an Steòrnabhagh, agus tha cuireadh aig companaidhean às na h-eileanan a bhith an làthair.

Bidh ceangal bhideo ann ri oifisean HIE ann am Beinn na Faodhla airson cothrom a thoirt do chompanaidhean às Uibhist is Beinn na Faodhla a bhith an sàs sa choinneimh.