Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An t-Sultain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Anndra Midseal

Chaidh Àrd-Chuip nan Tòraidheach, Anndra Midseal às àicheadh a-rithist gun do chleachd e briathran a tha cuid a' fàgail air na chòmhradh ri oifigearan poilis aig Sràid Dhowning an t-seachdain seo chaidh. Bhruidhinn Mgr Midseal gu poblach airson a' chiad uair na bu tràithe an-diugh air a' chonnspaid mun chòmhradh eadar e fhèin agus na h-oifigearan poilis. Tha aithrisean ann am pàipearan-naidheachd gun do chleachd Mgr Midseal droch chainnt agus am facal "pleb." Thuirt e nach do chleachd e na briathran sin, ach chan innseadh e dè thuirt e.

Dale Cregan

Chaidh an duine a tha fo chasaid gur e a mhuirt dithis bhana-phoileas an t-seachdain seo chaidh mu choinneimh na cùirte ann am Manchester a-rithist an-diugh le ceangal bhideo. Chaidh Dale Cregan, a tha 29 bliadhna de dh'aois, a chumail an grèim. Chaidh a' chùis a chur an dàrna taobh dhan t-Samhain.

Banca Malairt

Tha Rùnaire a' ghnothachais, Vince Cable, a' foillseachadh £1bn de dh'airgead phoblach airson banca malairt ùr a stèidheachadh. Innsidh Mgr Cable do cho-labhairt nan Libearalach Deamocratach ann am Brighton gun toir am banca airgead do ghnìomhachas agus companaidhean air a bheil e a' faileachadh iasad fhaighinn bho na bancaichean àbhaisteach.

Eaconamaidh na h-Alba

Tha rannsachadh ùr ag ràdh gu bheil daoine ann an gnìomhachas agus gnothachas a' sìor chall misneachd ann an eaconamaidh na h-Alba. Tha an sgrùdadh, a tha Lloyds TSB an Alba a' dèanamh a h-uile trì mìosan, ag ràdh gun do thuit teachd-a-steach an treas cuid de na companaidhean ris an do bhruidhinn iad eadar an t-Ògmhios agus an Lùnastal, agus tha cha-mhòr leth dhiubh sin nach eil e a' sùileachadh adhartais sam bith thairis air na sia mìosan seo tighinn.

JJB Sports

Dh'innis a' chompanaidh mhòr bhùthainnean, JJB Sports, gu bheil iad a' fastadh luchd-rianachd a dh'fheuchas ri stòras na companaidh a reic. Chaidh casg air earrainnean na buidhne agus tha dragh ann gu faodadh na mìltean an cosnadh a chall, le aithrisean gum faodadh pàirt den chompanaidh a reic.

Oighreachd a' Chrùin

Tha Comataidh nan Cùisean Albannach ann an Westminster a' tilleadh a dh'Inbhir Nis an-diugh a thogail tuilleadh fiosrachaidh mu Oighreachd a' Chrùin. Chuir a' Chomataidh rannsachadh air bhonn an-uiridh, agus dh'fhoillsich iad aithisg na bu tràithe am bliadhna air obair Oighreachd a' Chrùin ann an Alba. Tha a' Chomataidh a' coinneachadh a-rithist 's iad ag ràdh gur e briseadh dùil a bh' ann am freagairtean agus molaidhean an Riaghaltais dhan chiad aithisg.

Corp

Tha rannsachadh an dèidh bàis ga dhèanamh air corp fireannaich a fhuaireas eadar Dail Mòr agus Dail Beag air taobh siar Leòdhais Disathairne. Bha heileacoptair Mhaor-Cladaich, na sgiobaidhean aca air tìr agus bàta-teasairginn an t-Òib an sàs anns a' chùis.