Coinneamh mu Oighreachd a' Chrùin

  • 24 An t-Sultain 2012
An Cladach
Image caption Dhiùlt an Riaghaltas cumhachdan air a' chladach agus grunn na mara a sgaoileadh.

Tillidh Comataidh nan Cùisean Albannach aig Pàrlamaid Westminster a dh' Inbhir Nis Diluain airson coinneimh phrìobhaidich ri linn mar a dhiùlt Riaghaltas Westminster gabhail ris a' mhòr-chuid de na molaidhean aca mu obair Choimisein Oighreachd a' Chrùin an Alba.

Thuirt a' Chomataidh sa Mhàirt gum bu chòir smachd air na cladaichean a bhith air a thoirt do choimhearsnachdan ionadail.

'S e amas na coinneimh deasbad a dhèanamh air freagairt an Riaghaltais, a tha a' Chomataidh a' meas na ''bhriseadh dùil.''

Nuair a bhathas a' togail fianais mu Oighreachd a' Chrùin timcheall air a' Ghàidhealtachd 's nan Eilean, dh'innis cuid de luchd-fianais do bhuill Comataidh nan Cùisean Albannach gun robh Oighreachd a' Chrùin gan giùlain fhèin mar uachdarain neo-làthaireach agus a bha a' cur chìsean air daoine.

Às dèidh dhaibh mòran fianais a chruinneachadh san sgìre, cho-dhùin a' Chomataidh gum bu chòir cumhachdan a' Choimisein a sgaoileadh a-mach gu na coimhearsnachdan. Ach, chaidh sin a dhiùltadh.

Thuirt am BP Iain Davidson bhon Chomataidh gu bheil iad a' dol a thilleadh a bhruidhinn ris na h-aon daoine a-rithist airson beachd fhaighinn air an ath-cheum, 's gun toir iad cuireadh do dh'Oighreachd a' Chrùin cuideachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile