C. Diff aig Ospadal an Rathaig Mhòir

  • 21 An t-Sultain 2012
Clostridium difficile sporulating on a stainless steel surface
Chaidh an ospadal a chàineadh le luchd-sgrùdaidh o chionn ghoirid ri linn C. Diff.

Chaidh uard a dhùnadh aig Ospadal an Rathaig Mhòir an Inbhir Nis, agus triùir euslainteach a' fulang le Clostridium Difficile (C. Diff).

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh nach eil ceangal deimhinnte ann eadar na cùisean.

Thuirt iad gu bheil glanadh domhainn ga dhèanamh air Uard 4C gus lùghdachadh a thoirt air a' chunnart gun sgap an tinneas.

Rinn luchd-sgrùdaidh ospadail càineadh bho chionn ghoirid air a' Bhord Shlàinte às dèidh do C. Diff nochdadh dà thuras san ospadal am bliadhna.

Dh'iarr iad gun rachadh grunn leasachaidhean a dhèanamh.