App arc-eòlais ùr do Shrath Pheofhair

  • 21 An t-Sultain 2012
Cnoc Faraill (Dealbh: Alan Reid/ Geograph) Image copyright Alan Reid
Image caption Am measg nan làraichean, tha dùn losgte aig Cnoc Faraill.

Tha buidheann coimhearsnachd air app a chruthachadh airson fònaichean-làimhe adhartach a bhios ag innse do dhaoine mu làraichean arc-eòlais san sgìre aca.

Thuirt Iomairt Shrath Pheofhair gu bheil am bathar-bog a' toirt seachad fiosrachaidh mu shia làraichean cudromach anns an t-srath agus mun cuairt air.

Tha na làraichean a' riochdachadh 5,000 bliadhna de dh'eachdraidh na sgìre.

Nam measg, tha Bealach nan Cor, càrn-seòmrach à Linn Ùr na Cloiche, agus dùn losgte bho Linn an Iarainn aig Cnoc Faraill, a thuilleadh air Clach na h-Iolaire bho linn nan Cruinneach.

Gheibh daoine le fònaichean fregarrach an app an asgaidh, agus tha e cuideachd ri fhaotainn air màl ann am baile Shrath Pheofhair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile