Greimeachadh galair a' ghiuthais

  • 20 An t-Sultain 2012
Giuthsach Albannach Image copyright .gov.uk
Image caption Tha an giuthas gu math cudromach ann an cruth-tìre na h-Alba.

Tha luchd-saidheans a' feuchainn ri smachd fhaighinn air galar a dh'fhaodadh call a dhèanamh air coilltean giùthais dhùthchasach na h-Alba.

Tha an galar mar thà air buaidh a thoirt air earainnean mòra de choilltean coimearsalta.

Thèid feuchainn ri stuth ceimigeach nimh fungais a dhortadh air na craobhan bhon adhair an ath-bhliadhna ann an oidhirp stad a chur air a' ghalar bho bhith a' sgapadh.

Tha dùil gur ann sa cheann a tuath agus anns an ear-thuath as motha a bheir an galar Dothistroma Needle Blight buaidh.

Thèid tòiseachadh air stuthan ceimigeach a dhortadh air chraobhan an sin ann an 2013.

Seallaidh an sgeama sin a bheil stuthan ceimigeach èifeachdach ann a bhith a' faighinn smachd air a' ghalar, ach gun cron a dhèanamh air an àrainneachd mun cuairt.

Tha an galar buailteach sgapadh far a bheil an aimsir beagan nas blàithe agus tha an luchd-saidheans a' dèanamh dheth gu bheil gnothach aig blàthachadh na Cruinne ri mar a tha e a-nis air nochdadh anns a' cheann a tuath.

Chaidh na ceudan chraobhan mar thà a leagail air sgàth a' ghalair, agus dh'fhaodadh sin buaidh a thoirt air a' chapall-coille agus beathaichean eile a tha a' tighinn beò anns na coilltean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile