Gealltanas ga shireadh mu chonnadh Uibhist

Tanca-connaidh Thuirt am Prìomh Mhinistear gu bheil an Riaghaltas a' feuchainn ri coinneamh a chur air dòigh le Scottish Fuels mu shuidheachadh a' chonnaidh.

Sgeulachdan co-cheangailte

Chaidh suidheachadh a' chonnaidh ann an Uibhist a thogail aig àm Cheistean a' Phrìomh Mhinisteir Diardaoin.

Dh'iarr am BPA Làbrach Dàibhidh Stiùbhart, a tha a' riochdachadh sgìre na Gàidhealtachd 's nan Eilean, air Ailig Salmond coinneamh a chur air dòigh le Scottish Fuels cho luath 's a ghabhas 's gainnead connaidh air a bhith na thrioblaid ann an Uibhist fad grunn làithean.

Tha Mgr. Stiùbhairt ag ràdh gur e suidheachadh a th' ann a dh'fhaodadh fìor thrioblaid adhbhrachadh do luchd-obrach nan seirbheisean èiginn, mur a bi e comasach dhaibh na dh'fheumas iad de chonnadh fhaighinn.

Leisgeul

Tha Scottish Fuels a tha a' cumail connaidh ri bùithdean Uibhist air leisgeul a thabhann airson an t-suidheachaidh, ach tha iad ag ràdh gur ann air sgàth obair-càraidh riatanaich air na tancaichean aca ann an Loch a' Chàrnain a thog e ceann.

'S ann air làraidhean à Steòrnabhagh a dh'fheumas iad an connadh a thoirt a-steach, thuirt iad, agus tha sin air a bhith doirbh leis mar a tha an làn a' toirt buaidh air aiseag an t-Òib.

Thuirt am Prìomh Mhinistear gun robh iad air bruidhinn ri Scottish Fuels mu bhith a' cur coinneimh air dòigh leotha far am beachdaicheadh iad cuideachd air dè cho freagarrach 's a tha tancaichean connaidh an eilein.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.