Carraighean-cuimhne gan sgeadachadh

  • 20 An t-Sultain 2012
Carragh-cuimhne cogaidh Inbhir Nis
Chan eil ach dà bhliadhna ann mus bithear a' comharrachadh ceud bliadhna bho thòisich an Cogadh Mòr.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd am beachd carraighean-cuimhne cogaidh na sgìre a sgeadachadh, 's gun ach dà bhliadhna ann mus bithear a' comharrachadh 100 bliadhna bho thòisich an Cogadh Mòr.

Tha uallach air a' Chomhairle airson 165 carragh-cuimhne air feadh na sgìre 's tha iad ag ràdh gu bheil e cudromach gun tèid an toirt gu ìre mus bi an ceann-bliadhna seo ann.

Sheall measadh a rinnear air na carraighean-cuimhne, ged a tha a' mhòr-chuid dhiubh ann an deagh òrdugh, gu bheil diofar ìrean obrach a dhìth orra.

Tha a' Chomhairle a' dèanamh dheth gun cosgadh an obair air fad £250,000 - barrachd na tha air a chur ma seach aca fhèin airson na h-obrach.

Dh'fhaodadh mar sin gur ann a bheir iad taic do bhuidhnean coimhearsnachd a dh'fhaodadh taic-airgid iarraidh bho bhuidhnean poblach airson nan carraighean-cuimhne cogaidh aca fhèin a sgeadachadh.

Eachdraidh Chudromach

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil na carraighean-cuimhne gu h-àraidh cudromach ann an sgìrean leithid na Gàidhealtachd far an deach an call-beatha a dh'adhbhraich an cogadh fhaireachdainn 's math dh'fhaoidte barrachd na chaidh anns na bailtean mòra.

Tha Murchadh Peutan aig a bheil ùidh mhòr ann an eachdraidh a' Chogaidh Mhòir ag ràdh gum bu chòir do choimhearsnachdan uallach a ghabhail airson nan carraighean-cuimhne cogaidh aca fhèin.

"Chan eil e na obair mhòr na cuimhneachain-chogaidh a chumail ann an deagh staid," thuirt e.

Thuirt Mgr Peutan gun do sheall an obair a chaidh a dhèanamh air carragh-cuimhne cogaidh an t-Struthain anns an Eilean Sgitheanach, an sgìre aige fhein, mar a tharraing sin a' choimhearsnachd còmhla.

Thuirt e gun robh cha-mhòr a h-uile duine anns an sgìre an làthair an là a chaidh an carragh-cuimhne cogaidh fhoillseachadh às ùr às dèidh do leasachadh a bhith air a dhèanamh air.

"'S ann às na coimhearsnachdan a dh'fhalbh na balaich a chaidh a chall anns an dà chogadh mhòr ... tha mi a' smaoineachadh gum biodh e ceart agus iomchaidh nan robh uallach cuimhneachain-chogaidh a chumail ann an deagh òrdugh an urra ris na coimhearsnachdan fhèin," thuirt e.