"Dìth chothroman" do dh'òigridh

  • 20 An t-Sultain 2012
Saor ag obair le fiodh
Tha lùghdachadh air tighinn air na tha de dhaoine ag ionnsachadh saorsainneachd anns na h-Eileanan Siar.

Tha eòlaiche air gnìomhachas an togail anns na h-Eileanan Siar air dragh a thogail mu cho beag chothroman 's a th' ann do dh'òigridh na sgìre, ceàrd a thoirt a-mach.

Tha Iain MacÌomhair a' cumail a-mach nach robh uidhir de chothroman-ionnsachaidh an lùib Phròiseict nan Sgoiltean Ùra anns na h-Eileanan Siar 's a chaidh a ghealltainn.

"Chaidh gealltanas a thoirt dhuinn nuair a thàinig a' chompanaidh a tha seo a-steach, a thogail nan sgoiltean, gun toireadh iad air apprentices ach, ma thug, cha tug iad mòran air," thuirt e.

Bliadhnaichean Duilich

Tha Mgr MacÌomhair ag ràdh gu bheil an suidheachadh anns a bheil companaidhean togail eile anns na h-Eileanan an-dràsta a' fàgail nach eil e comasach dhaibh-san cothroman-ionnsachaidh a thabhann.

Dh'fhàg sin, na bheachd-san, gum feumadh feadhainn a bha airson ceàrd a thoirt a-mach falbh gu Tìr Mòr.

Tha e a' dèanamh dheth ge-tà, gu bheil comharran dòchais ann dhan ghnìomhachas.

"Tha mi a' smaoineachadh gun tig e air adhart. Tha mi a' smaoineachadh a-nis gu bheil na companaidhean a tha seo, tha iad an dèidh gearradh air ais, tha iad deiseil a-nis airson fosgladh a-mach a-rithist."

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun deach cothroman-ionnsachaidh a thoirt do 83 duine, an lùib Phròiseict nan Sgoiltean Ùra.