Bòrd na Gàidhlig a' gluasad gu Taigh a' Ghlinne Mhòir

  • 19 An t-Sultain 2012
Ian Jardine, Ceannard Dualchas Nàdair na h-Alba; Ealasaid Nic an t-Saoir, Cathraiche Eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig; Iain Aonghas MacAoidh, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig. Image copyright Bòrd na Gàidhlig
Image caption Thathas an dùil gun sàbhail an gluasad airgead don roinn phoblaich.

Bidh Bòrd na Gàidhlig a' gluasad am prìomh oifisean ann an Inbhir Nis.

Thèid iad a-nise gu Taigh a' Ghlinne Mhòir, air iomall an iar a' bhaile.

Bidh iad stèidhichte nan dachaigh ùir bho 30mh an t-Samhain.

Tha Taigh a' Ghlinne Mhòir na dhachaigh mar thà do SNH, Coimisean na Croitearachd, agus Coimisean na Coilltearachd.

Tha a' bhuidheann stèidhichte an-dràsta aig Pàirce Ghnìomhachais Sgrìodain Sgràd (Stoneyfield), air iomall an ear a' bhaile.

Thathas an dùil gun sàbhail an gluasad airgead don roinn phoblaich, le iomadh buidheann poblach stèidhichte san aon togalach.

Thathas a' tuigsinn ge-tà, gu bheil am plana seo a' ciallachadh nach tèid "Mòr-ionad" a thogail sa bhaile, far am biodh a h-uile buidheann leasachaidh Gàidhlig stèidhichte fo na h-aon chabair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile