Rannsachadh FAI sa Ghearasdan

  • 19 An t-Sultain 2012

Tòisichidh Rannsachadh Thubaist Bhàsmhor sa Ghearasdan Diciadain mu thubaist-rathaid anns a' Mhàrt anns an do chaill dithis fhireannach am beatha.

Thachair an tubaist, eadar càr agus làraidh air an robh lòd fiodha, air an A82 faisg air Gleann Comhann.

Chaidh dràibhear na làraidh, Stiùbhart McGifford, 48, agus Ronnie Mac a' Phì, 45, le chèile a mharbhadh.

'S ann à Uibhist a Deas a bha Mgr Mac a' Phì bho thùs, ged a bha e a' fuireach ann am Malaig.

Bhuineadh an làraidh dhan chompanaidh Ferguson Transport.

Mairidh an èisteachd, ann an Cùirt an t-Siorraidh sa Ghearasdan, dà là.