Cead a-rithist do phlana Thòrr na Grèine

  • 19 An t-Sultain 2012
Ro-dhealbh den bhaile ùr Image copyright Other
Image caption Bidh cha-mhòr 5,000 dachaigh sa bhaile ùr.

Ghabh comataidh dealbhachaidh Chomhairle na Gaidhealtachd ri co-dhùnadh a chaidh a dhèanamh air a' mhìos a chaidh, cead a thoirt do phlana fo an tèid baile ùr a thogail aig Tòrr na Greine, air iomall Inbhir Nis.

'S ann air talamh àitich ri taobh an A96 eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narrann a dheadh baile ùr Thòrr na Grèine, anns am biodh 4,960 dachaigh, a thuilleadh air goireasan spòrs, bùithdean agus eile.

Bha buidheann de chomhairlichean air iarraidh gun deadh dàil a chur air a' chùis 's iad ag iarraidh barrachd fiosrachaidh, ach cha deach leotha.

'S e a' bhuidheann Moray Estates a th' air cùlaibh an leasachaidh.

Air a' cheann thall, chuir 17 chomhairlichean taic ri na planaichean, 's cha deach ach triùir nan aghaidh.

Dhiùlt dithis eile bhòtadh taobh seach taobh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile