Aiseagan fhathast gun cho-dhùnadh

Bàt-aiseig Tha seirbheisean Chluaidh is nan Eilean a-muigh gu tairgse an-dràsta.

Dhiùlt Rùnaire na Còmhdhail, Keith Brown, innse co-dhiù tha an Riaghaltas am beachd dàil a chur sa phroiseas fon deadh seirbheisean aiseig ChalMac a-mach gu tairgse.

Thog am ball Làbarach aig Holyrood, Riseard Baker dragh gum faodadh dàil trì bliadhna a dhol air a' phròiseas tairgse, 's e ag ràdh gun cuala aonadh an RMT gum faodadh leithid de dhàil a bhith ann.

Thuirt Mgr Brown nach deach co-dhùnadh deireannach sam bith a dhèanamh mun chùis fhathast.

Thig an cùmhnant a th' aig CalMac airson nan seirbheisean aiseig aca gu crìch san Damhair an ath-bhliadhna.

Sgaradh

Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil e na dhleastanas orra tairgsean iarraidh airson na seirbheisean a ruith, agus gun nochd fiosrachadh bhuapa san aithghearrachd mun phròiseas sin.

Thuirt Mgr Brown gun do thog an Riaghaltas draghan leis a' Choimisean Eòrpach mu cho goirid 's a tha na cùmhnantan a' seasamh mus feumar an cur a-mach gu tairgse a-rithist.

"Tha Riaghaltas na h-Alba gu daingeann a' cur taic ris na coimhearsnachdan eileanach againn, agus tha sinn a' sìor chur ionmhais an sàs ann am bàtaichean-aiseig ùra, agus calaidhean a tha freagarrach air an 21mh Linn," thuirt e

"Cha deach co-dhùnadh deireannach a dhèanamh fhathast mu sheirbheisean aiseig Chluaidh agus nan Eilean Siar, agus chan eil uallach ormsa mìneachadh a dhèanamh air rudan a chanas an RMT.

Start Quote

Tha mi air a ràdh roimhe ... gu bheil sinn den bheachd gu bheil na cùmhnantan airson nan seirbheisean aiseig air fad a' tighinn gu crìch gu ro thràth, agus rinn sinn sin soilleir don Choimisean Eòrpach”

End Quote Keith Brown Rùnaire na Còmhdhail

"Tha mi air a ràdh roimhe ... gu bheil sinn den bheachd gu bheil na cùmhnantan airson nan seirbheisean aiseig air fad a' tighinn gu crìch gu ro thràth, agus rinn sinn sin soilleir don Choimisean Eòrpach.

"Ach aig an ìre seo, chan eil co-dhùnadh deireannach air a dhèanamh mu dheidhinn seirbheisean aiseig Chluaidh agus nan Eilean Siar," thuirt e.

Chaidh an cùmhnant sia bliadhna mu dheireadh airson seirbheisean aiseig a ruith air Chluaidh agus dha na h-Eileanan a thoirt do ChalMac Eta. ann an 2007.

Ach ma 's e 's gun tèid dàil de thrì bliadhna a chur air a' phròiseas mar a tha cuid a' cumail a-mach, dh'fhàgadh sin co-dhùnaidhean mun chùis - leithid am bu chòir sgaradh a dhèanamh eadar na seirbheisean as prothaidiche agus seirbheisean eile - aig an ath Riaghaltas Albannach ri dhèanamh.

Ge b' e cò bhios a' dèanamh nan co-dhùnaidhean sin a thaobh seirbheisean Mhic a' Bhriuthainn san àm ri teachd, bha Riseard Baker airson gealltanas fhaighinn bhon Mhinistear, nach eil plana aig an Riaghaltas seo airson na seirbheisean a sgaradh bho chèile, agus gun tèid tairgse iarraidh airson an ruith còmhla.

Ach dhearbh Mgr Brown uair eile na fhreagairt na thuirt am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, anns na seachdainnean mu dheireadh.

'S e sin nach eil Riaghaltas na h-Alba air adhbharan fhaicinn airson na seirbheisean a sgaradh bho chèile.

Gheall e cuideachd gun cùm e fiosrachadh mionaideach ris a' Phàrlamaid agus ris na coimhearsnachdan air an toir na co-dhùnaidhean buaidh.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.