Dragh mu sheirbheis eileanach

  • 18 An t-Sultain 2012
Inneal-clàraidh cridhe
Image caption Tha an t-seirbheis a' toirt brosnachaidh do dhaoine às dèidh dhaibh greim-cridhe fhulaing

Tha dragh ann an Leòdhas mu na tha an dàn do sheirbheis a bheir cuideachadh do dhaoine às dèidh dhaibh greim-cridhe a ghabhail.

Tha an t-seirbheis a' brosnachadh dhaoine gus eacarsaich a dhèanamh, ann an suidheachadh far a bheil sùil ga cumail orra.

Tha an t-seirbheis air a bhith a' dol fad trì bliadhna, ach thig am maoineachadh air a son gu ceann as t-earrach an ath-bhliadhna.

Moladh mòr

Tha Tormod Mac a' Ghobhainn air fear dhen na fheadhainn a fhuair cuideachadh bhon t-seirbheis 's tha e dhen bheachd gur e call mòr a bhiodh ann nan tigeadh i gu ceann.

"Saoilidh mi gu bheil e garbh truagh nuair a tha seirbheis cho math ri seo agus seirbheis dhan d'fhuair iad fiù 's duaisean ann an dòigh 's gu robh Bùird Shlàinte eile a' togail eisimpleir na seirbheis a tha seo mar an dòigh a bu chaomh leotha-san an t-seirbheis aca fhèin a chuir air adhart agus a-nis tha iad a' tionndadh timcheall 's ag ràdh chan eil fios againn am bi e ann tuilleadh", thuirt e.

Tha Mgr Mac a' Ghobhainn a' dèanamh dheth gu bheil cunnart ann gur ann a dh'fhuiricheas daoine a-staigh, agus nach bi iad a' dèanamh eacarsaich sam bith, ma thèid an t-seirbheis seo a stad.

Thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar nach eil cail a dhùil aca sguir dhen t-seirbheis.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile