Toiseach na h-obrach ann am Bonnington

  • 18 An t-Sultain 2012
Sgoil Bhonnington. Image copyright Other
Image caption Bidh an sgoil deiseil air thoiseach air an ath-bhliadhna-sgoile.

Thèid cuirm a chumail ann an Dùn Èideann Dimàirt airson toiseach na h-obrach air sgoil Ghàidhlig ùir a' bhaile a chomharrachadh.

Bidh Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan, am measg na bhios a' gabhail cuairt timcheall seann Sgoil Bhonnington.

Bidh an leasachadh, a chosgas na milleanan, deiseil air thoiseach air an ath-bhliadhna-sgoile, agus 's i a' chiad sgoil Ghàidhlig fa-leth anns a' phrìomh bhaile.

Thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Dùn Èideann ann an 1988.

Bhon uair sin, tha na h-uidhir de chloinn gan cur tron aonad Gàidhlig aig Bun-sgoil Chrois na Cìse, 's gu bheil an t-aonad sin a-nise ro bheag, le barrachd agus 200 ann eadar an sgoil agus an sgoil-àraich a tha na cois.

Fhuair leasachadh air seann Sgoil Bhonnington cead bhon Chomhairle an-uiridh.

Ach chaidh cosgaisean na sgoile an-àirde gu mòr gu £3.5m leis gun deach an togalach fhàgail bàn, 's e ag aodion, le piosan dheth gam milleadh.

Còmhla ri Mgr Allan a' tadhail air an làraich Dimàirt, bidh Leas-Fhear-Gairm an Fhoghlaim aig Comhairle Baile Dhùn Èideann, Dàibhidh Key, agus Iar-Phròbhost a' bhaile, Deirder Brock, airson an obair a chur gu dol gu foirmeil.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile