Barrachd ùidh an smachd choimhearsnachd sna h-Eileanan

  • 17 An t-Sultain 2012
An Tairbeart Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Bha co-labhairt na buidhne sna Hearadh aig an deireadh-sheachdainn

Tha coimhearsnachdan anns na h-Eileanan an Iar a' nochdadh barrachd ùidhe ann a bhith a' faighinn smachd air an talamh.

Sin a-rèir na buidhne Fearann Choimhearsnachd na h-Alba.

Aig co-labhairt na buidhne sna Hearadh thuirt an Iar-Chathraiche, Iain MacÌomhair, gu bheil 2 neo 3 coimhearsnachdan a bharrachd air ùidh a nochdadh sa ghnothach.

''Tha sinn a' faicinn beag air bheag gu bheil ùidh ga shealltainn an dràsta. A dha neo thrì a bharrachd air an fheadhainn a tha air smachd a ghabhail mar tha.'

''Tha sinn a'faicinn ùidh a tighinn bho cheàrnaidhean eile den eilean agus daoine còmhla ruinn an seo gu math misneachail gu soirbhich leotha.''

Buannachdan

''Tha iad an dòchas gum faic iad na buannachadan a tha tighinn na chois'', thuirt e.

Chualas beachd ged-tà, gum feum sùil as ùr a thoirt air Achd Ath Leasachaidh an Fhearainn airson coimhearsnachdan a chuideachadh.

Thuirt Mgr MacÌomhair: ''Tha seo air a bhith na chnap-starra gu ruige seo. Tha sinn a' faicinn gu bheil an Riaghatas a' coimhead ris.''

''Tha dùil againn gu tig piseach air an lagh agus gum bi e nas fhasa a thuigsinn agus a choileanadh''