Rannsachadh air cosgaisean dùthchail

  • 17 An t-Sultain 2012
Sgìre dhùthchail
Image caption Bidh an rannsachadh a' coimhead air cosgaisean son sheirbheisean agus son rudan a cheannach.

Chaidh rannsachadh ùr iarraidh air na th'ann de chosgaisean do dhaoine a tha a' fuireach ann an sgìrean dùthchail.

Thèid sùil a thoirt air dè tha e a' cosg do theaghlaichean ann an diofar sgìrean rudan agus seirbheisean a cheannach airson dòigh-beatha reusanta a bhith aca.

'S e Ionad Rannsachaidh son Sgìrean Dùthchail agus Iomallach aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean a nì an obair ann an co-bhann ri Oilthigh Loughborough.

Tha luchd-rannsachaidh aig Oilthigh Loughborough mar-thà air sgrùdadh a dhèanamh air cosgaisean làitheil ann an sgìrean dùthchail ann an Sasainn.

Sgìrean iomallach

Ach tha luchd-stiùiridh ag ràdh gum faodadh an suidheachadh a tha mu choinneamh dhaoine ann an sgìrean iomallach a bhith gu math eadar-dhealaichte.

Tha dùil gun tèid toradh an rannsachaidh fhoillseachadh an ath bhliadhna.

Na bu thràithe am bliadhna, rinn Oifis na Malairt Cothrmaich rannsachadh air barrachd tuigse fhaighinn air na dubhlain a tha ro dhaoine ann an sgìrean iomallach air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Cho-dhùin iadsan gu bheil nas lugha de stuth a tha ga reic agus cion farpais a' ciallachadh gum bi prìsean nas àirde, nach eil na h-uidhir de roghainn aig luchd-ceannachd agus gum faodadh monopolaidh a bhith aig feadhainn ann an cuid de sgìrean.