Obraichean cloimhe ùra an Uibhist

  • 17 An t-Sultain 2012
Rùsgadh nan Caorach
Image caption Thèid co-dhiù ceithir cosnaidhean a chruthachadh nuair a dh'fhosglas am muileann.

Thèid ceithir cosnaidhean ùra a chruthachadh ann an Uibhist nuair a dh'fhosglas muileann ùr leis a' bhuidhinn Clòimh Uibhist ann an Griomasaigh aig toiseach na h-ath-bhliadhna.

Bidh a' chompanaidh a' ceannach clòimhe bho air feadh na dùthcha, ach bho chroitearan Uibhist gu sònraichte.

Dh'fhoillsichear tuilleadh mu na planaichean aig co-labhairt bhliadhnail Clòimh Uibhist agus Pròiseact na Talmhainn Duibhe aig an deireadh-sheachdain.

An-dràsta, tha a' mhòr-chuid de chlòimhe Uibhist a' falbh gu Tìr Mòr air prìs meadhanach reusanta.

Sgudal

Ach roimhe, bha a' phrìs cho ìosal 's gun robh daoine a' tilgeil na clòimhe a-mach mar sgudal.

'S ann mar thoradh air an t-suidheachadh sin a thàinig Pròiseact Clòimhe Uibhist gu bith.

Tha a' bhuidheann a-nis air planaichean fhoillseachadh son muileann ùr ann an Griomasaigh a thoirt air adhart.

Thuirt Manaidear na pròiseict, Dana Nic a' Phì, gun do thoisichear obair air na planaichean ann an 2008.

"Ach tha gnothaichean air togail orra gu mòr anns na beagan mhìosan mu dheireadh," thuirt i.

"Tha sinn air taic-airgid a ghlèidheadh son am muileann a thogail ann an Griomsaigh."

Cosnaidhean

Thèid co-dhiù ceithir cosnaidhean a chruthachadh nuair a dh'fhosglas am muilleann.

Agus tha dùil gun tachair sin sa Ghearran an ath-bhliadhna.

Tha Clòimh Uibhist mar-thà air a bhith a' sireadh cloimhe bho chroitearan ann an Uibhist.

Thèid a cleachadh son snàthan agus aodach fighte a dhèanamh.