Caol Bhòid 6 Inbhir Aora 5

  • 16 An t-Sultain 2012
Ruairidh Dòmhnallach Image copyright Neil G Paterson
Image caption Sàr-chluicheadar an là, Ruairidh Dòmhnallach, a chuir ceithir tadhail.

Tha gàirdeachas ga dhèanamh ann an Taigh na Bruaich agus Caol Bhòid air Cupa na Camanachd a bhuannachadh son a' chiad turas bho 1994.

'S e 6-5 a bh'ann dhaibh an aghaidh Inbhir Aora ann an geama sònraichte san Òban, cuairt dheireannach aig fìor àrd ìre eadar prìomh sgiobaidhean a chinn a deas.

Thàinig còig tadhail taobh a-staigh còig mionaidean fichead aig toiseach a' gheama.

Chuir Russell MacFhionghlaidh Inbhir Aora air thoiseach (9) agus fhreagair Ruairidh Dòmhnallach aig Caol Bhòid le dà thadhal e fhèin (12 is 20), mus do chuir Garry Mac a' Phearsain (22) is Crìdean Crawford (24) Inbhir Aora air ais air thoiseach 3-2.

Làmh an uachdair

Chuir MacFhionghlaidh an uairsin tadhal eile ro leathach ùine, a' fàgail Inbhir Aora le làmh an uachdair aig 4-2.

Fhuair Robbie MacLèoid tadhal air ais do Chaol Bhòid (51) le slaic-peanais ach cha mhòr sa bhad chuir Mac a' Phearsain am ball dhan lìon aig a' cheann eile is bha e 5-3.

Bhon uairsin ge-tà ghabh Caol Bhòid grèim air cùisean ann am meadhan na pàirce agus na casan òga aca 's dòcha a' dèanamh diofar.

Bha e air ais aig 5-4 le tadhal bho Fhriseal Dòmhnallach (56) is an iairsin co-ionnan aig 5-5 le Ruairidh Dòmhnallach a' cur an treas tadhal aige fhèin den là (61).

Oidhirpean

Chuir Graeme Mac a' Phearsain eadar na puist son Inbhir Aora stad air grunn oidhirpean ach gu follaiseach bha tadhal a' tighinn is mu dheireadh thall 's e an duine sin Ruairidh Dòmhnallach a-rithist a fhuair e (81) agus bha Caol Bhòid air thoiseach 6-5.

Bha aon chothrom eile aig Inbhir Aora agus slaic bho Chrawford a' bualadh air a' phost ach chrìochnaich an geama 6-5.

Geama aibheiseach agus sanas air leth do dh'iomain.

Do dh'Inbhir Aora 's e fìor bhriseadh-dùil a bh'ann agus coltas orra gur e deireadh linn a bha seo.

Ginealach

Bidh co-dhuibh dithis den sgioba a-nise a' sguir a chluich agus an ginealach as fheàrr a bh'aig Inbhir Aora ann an 70 bliadhna' tighinn gu deireadh an rathaid.

Le sgioba gu math òg aig Caol Bhòid (ach Friseal is Coinneach Dòmhnallach) tha a h-uile coltas ann gur e seo toiseach chaibideil ùir ann an eachdraidh a' chluba.

Bidh Grant Irvine air ais an ath-bhliadhna agus thig spionnadh is misneach a bharrachd dhan sgioba air fad, tha fios, bho na rinn iad aig an deireadh-sheachdain.

Chaidh duais sàr-chluicheadar an là gu Ruairidh Dòmhnallach - agus abair gun robh e airidh air.