Fèis Bheanntan na Hearadh

  • 14 An t-Sultain 2012
Beanntann na Hearadh
Image caption Tha an fhèis a' dol fad na seachdain.

Tòisichidh Fèis Bheanntan Na Hearadh Disathairne, le rèis beinne Rèinigeadail, 11km air seann rathad a' phosta.

Bidh an rèis a' toiseachadh ann an Urgha gu ruige Rèinigeadail agus air ais.

Seo an dàrna bliadhna den fhèis agus thathas air a leudachadh gu diofar chur-seachadan a tha iad an dùil a bhios tarraingeach do mheasgachadh dhaoine - feadhain a tha gu math fallain agus comasach a bhith a' ruith nam beann, gu daoine nach eil buileach cho fiot son a leithid.

Brosnachadh

Am measg na bhios a' dol, tha turas 6 mìle air an t-slighe a ghabhadh daoine a bha a' giulain chistichean-laighe bho thaobh sear na Hearradh dhan taobh siar, son tiodhlacaidhean, gu cladh Losgaintìr.

'S iad Urras Ceann a Tuath Na Hearadh a tha cur na fèise air dòigh agus tha iad an dòchas gum bi an fhèis a' brosnachadh dhaoine a bhith gabhail pàirt ann a diofar chur-seachadan, ach tha iad an dùil cuideachd gun cur e ri eaconamaidh an eilein ann a bhith tàladh dhaoine bho thìr-mòr.

A bharrachd air tursan tro na beanntann, bidh òraidean bho eòlaichean a leithid Doug Scott, obair ealain, rèisean bhaidhsagal, fiolmaichean agus surfadh an lùib na fèise.

Bidh cothrom aig daoine a dhol a-mach air turas bàta cuideachd, far am faicear seallaidhean sònraichte de na beanntann.