Cosgais mhòr na dibhe

  • 14 An t-Sultain 2012
Botuil
Image caption Feumar cultar na dibhe atharrachadh anns na h-Eileanan a rèir bhall pàrlamaid na sgìre.

Chaidh faisg air £10m a chosg anns na h-Eileanan an Iar air an droch bhuaidh aig deoch làidir anns an sgìre.

Thàinig na figearan bhon bhuidhinn Alcohol Focus Scotland, 's iad ag ràdh gu bheil buaidh na dibhe a' cosg £379 do gach neach anns na h-eileanan.

Tha an dòigh anns am bi cuid de dhaoine anns na h-Eileanan an Iar ag òl cus na aobhar dragh dha ball pàrlamaid Albannach na sgìre, Alasdair Allan.

Thuirt e gu bheil na h-àireamhan nan dearbhadh air na bha cuid an dùil, 's a' toirt dhuinn dealbh air de na tha seirbheisean slàinte, na polais agus seirbheis soisealta na sgìre a' cosg ann a bhith a' dèiligeadh ri daoine le trioblaidean dibhe.

Feallsanachd

"Chan eil mise an aghaidh duine sam bith a bhith a' gabhail deoch làidir, ach tha na figearan seo a' cur nar cuimhne gu bheil a dhà uidhear do dhaoine a' bàsachadh air sgàth trioblaidean dibhe anns na h-eileanan, na tha san còrr dhen Roigheachd Aonaichte.

"Tha e na dhearbhadh dhòmhsa gu bheil sinn a' dèanamh an rud ceart ann a bhith a' stèidheachadh bun-phrìs air deoch làidir".

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Mgr Allen gun robh e ceàrr gun robh e nas saoire botal deoch làidir a cheannach na bha e botal uisge a cheannach.

Thuirt e cuideachd gum feum coimhead air feallsanachd dhaoine a thaobh deoch làidir agus an dòigh anns am bi iad ga chleachdadh.