Cothrom do dh'òigridh air an àrd-urlar

  • 13 An t-Sultain 2012
Boy and the Bunnet Image copyright Other
Image caption Tha a' chlann an sàs ann a gach ìre dhen dealbh-cliuche bho ceòl, cleas, rianachd agus an taobh teicniceach.

Tha Big Sky, Comhairle na Gàidhealtachd agus Fèis Rois air tighinn còmhla gus cothrom a thoirt do chloinn san àrd-sgoil obair comhla ri Seumas Ross an fhear-ciùil ainmeil 's iad a' cur 'The Boy and the Bunnet' air an àrd ùrlar.

'Se Seumas Ross a sgrìobh an sgeulachd agus a rinn an ceòl.

Tha an sgioba do 11 òigridh a tighinn bho sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd agus tha iad an sàs anns gach ìre dhen dealbh-cliuche bho ceòl, cleas, rianachd agus an taobh teicniceach.

Bho Dhrochaid Charra gu Inbhir Uige bi an dealbh-cluiche ri fhaicinn ann a 9 bun-sgoiltean sa Ghàidhealtachd a bharrachd air cuirm poblach ann a Inbhir Pheofharan air an 20mh la dhen t-Sultain.

Molladh

Bha Bryan Beattie na riochdaire air a cheud dreach dhen dealbh-chluiche ann a 2011.

''Tha mi air leth toilichte gu bheil seo a gabhail àite sa Ghàidhealtachd, 'se dealbh-chluiche anabarrach math a th'ann anns am faigh sean is òg tlachd.''

''Tha a h-uile òganach a tha sàs ann, airidh air molladh airson an cuid saothair.''

Se Conal MacDonagh a Poll Iùbh aon dhan an luchd ciùil òga a fhuair cothrom a dhol an luib a' phròiseict.

''Se cothrom air leth a tha seo oigridh a bhrosnachadh gus barrachd ùidh a shealltainn ann a ceol tradeaseanta agus Albanais.

"Tha e cumail a chuiltair beò.''

Tha an turas a' toiseachadh air 17mh dhen t-Sultain aig bun-sgoil Craighill ann a Baile Dhubhthaich.

Troimh'n t-seachdainn gheibh clann-sgoile ann a Inbhir Uige, Bun Ilidh, Geàrrloch, Inbhir Pheofharan, Drochaid Charra, Abhach agus Bishop Eden cothrom an dealbh-chluiche fhaicinn.