Càineadh air poileasaidh còmhdhail

  • 12 An t-Sultain 2012
Crubenmore. Pic: Andrew Smith
Tha Transform Scotland ag iarraidh gum bi barrachd dhaoine a' cleachdadh còmhdhail phoblaich.

Tha a' bhuidhean iomairt, Transform Scotland, a' gearain gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' toirt prìomhachas do leasachadh air leithid rathad an A9 eadar Peairt agus Inbhir Nis seach pròiseactan còmhdhail leanntaineach.

Tha a' bhuidheann, a tha a' riochdachadh chompanaidhean còmhdhail na roinne poblaich, ùghdarrasan ionadail agus buidhnean saor-thoileach, ag ràdh ann an aithisg a tha iad a' foillseachadh, gu bheil poileasaidh an riaghaltais bun os cionn.

Cothromachadh

Chaidh ministear na còmhdail, Cè Brown, as àicheadh seo.

''Tha sinn a' strì gus cothromachadh a dhèanamh eadar còmhdhail phoblach agus na rathaidean a th'againn a leasachadh agus a chùmail aig ìre choileanta.'

''B'fhèarr leam gun robh an riaghaltas a bha ann roimhe air barrachd a dhèanamh gus an A9 a leasachadh agus air barrachd a dhèanamh gus piseach a thoirt air an rathad-iarainn eadar Glaschu agus Dùn Èideann", thuirt e.

Thuirt e gun robh an riaghaltas a' dol a chosg £650m air an rathad-iarainn a leasachadh agus gun robh barrachd leasachaidh air fàire.

Dòchas is uallach.

Thuirt rannsaiche bho Transform Scotland ged a bha rudan ann a bha a' toirt dhaibh dòchas, gun robh gu leòr a bha na uallach cuideachd.

''Tha uallach oirnn gu bheil an truailleadh a tha còmhdhail a' dèanamh air an àrainneachd a' dol am meud.

''Bheir seo buaidh air slàinte phoblach.

''Tha faraidhean air còmhdhail phoblach a' dol an àirde nas luaithe an comas ri bhith a' cleachdadh charbadan.

''Tha gearraidhean ann am maoineachadh airson busaichean a' dol a tharraing luchd-siubhail air falbh bhuapa".