Ceist mu sheirbheis shlàinte Ìle

  • 11 An t-Sultain 2012
Ionad Slàinte
Image caption Tha iomagain ann a-rithist mu sheirbheisean slàinte ann an Ìle.

Tha dotairean teaghlaich ann an Ìle ag ràdh gu bheil iad a' dol a sguir ri seirbheis taobh a-muigh nan amanan abhaisteach.

Thuirt na dotairean Ailean Mac an t-Sagairt agus Grace Gibson gun toir iad an t-seirbheis gu ceann ann an trì mìosan.

Tha na dotairean ag ràdh gu bheil cion luchd-obrach is goireasan a' fàgail nach urrainn dhaibh cumail a' dol.

'S e seo an caibideal às ùr ann an staing an eilein a thaobh seirbheisean slàinte.

Sanas

Roimhe bha aig na h-eileanaich fhèin ri sanas a chur ma sgaoil gus dotair teaghlaich fhastadh nuair a dh'fhailich e air Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd dotair a lorg.

Thuirt an dotair Ailean Mac an t-Sagairt gu bheil na dotairean airson an t-seirbheis a thoirt seachad ach nach robh roghainnn eile aca.

''Tha sinne mar bhuidhean dhotairean teaghlaich a' faireachdainn gu bheil e soillear nach tèid againn air seirbheis choileanta tron là a thoirt seachad an cuide ri seirbheis taobh a-muigh nan uairean abhaisteach a tha sàbhailte", thuirt e.

Còmhradh

''Tha sinn air a bhith a' còmhradh ris a' bhòrd-slàinte gus barrachd taic fhaighinn ach chan eil sinn air adhartas sam bith a dhèanamh.'

"S e tarraing a-mach bho a bhith a' tabhainn seirbheis taobh a-muigh nan uairean abaisteach an roghainn mu dheireadh a bh'againn.''

Tha a' choimhearsnachd a' tuigsinn suidheacadh nan dotair, a rèir Roberta NicNèill bho chomhairle coimhearsnachd an eilein.

Uallach

''Anns a' chiad dol a-mach tha uallach oirnn", thuirt i.

''Ach tha sinn a' tuigsinn nach eil e comasach dha na dotaitrean cumail a' dol as aonais taic a bharrachd.'

''Tha mi a' smaoineachadh gu bheil Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd air dìchuimhneachadh gu bheil àiteachan deas air Inbhir Nis'', thuirt i.