Manaidsear Bhail' Ùr an t-Slèibh a' fàgail

  • 10 An t-Sultain 2012
Tormod MacArtair Image copyright SNS

Tha manaidsear Bhail' Ùr an t-Slèibh, Tormod MacArtair air innse gum fàg e an dreuchd aig deireadh an t-sèusan sa às dèidh 6 bliadhna aig an stiùir.

Bha MacArtair os cionn sgioba a bha gu math soirbheachail agus a thog trì de na ceithir duaisean mòra ann an iomain.

A bharrachd air a' Phrìomh Lìog a bhuinig dà thuras, tha MacArtair air a bhith os cionn sgioba a tha air Cupa MhicThàmhais a thogail dà thuras agus Cupa na Camanachd aon turas.

Tha a h-uile coltas ann cuideachd gum faigh MacArtair greim air a' Phrìomh Lìog mus fàg e.

Cluichidh Bail' Ùr an t-Slèibh an geama mu dheireadh aca den t-seusan air 29mh den t-Sultain an aghaidh Ghleann Urchadan.

Chan eil ach aon phuing a dhìth orra son an tiotal a bhuinig son an treas turas bhon a ghabh Mac Artair an obair.