Suidheachadh eaconomach nan Eilean Siar ga dheasbad

  • 10 An t-Sultain 2012

Bidh coinneamh mhòr ann an Leòdhas an ath-mhìos a dheasbad suidheachadh eaconomach nan Eilean Siar.

'S e an Comhairliche Dòmhnall Crichton a dh'iarr coinneamh den t-seòrsa seo anns a' chiad àite.

Tha esan ag ràdh gu bheil suidheachadh eaconamach nan eilean nas miosa na tha aig sgìre comhairle sam bith eile san rìoghachd.

Agus tha e ag ràdh gu feum argamaid làidir ullachadh 'on tuilleadh taic fhaighinn dhan sgìre

Aig a'choinneimh thig buidhnean gnìomhachais, saor-thoileach agus riochdairean poileataigeach na sgìre còmhla gus beachachadh air a' chùis.

Tha e an dùil gun cuir an tachartas seo ìmpidh air an riaghaltas barrachd cobhair a thoirt dhan chomhairle aig àm far a bheil buaidh ghearraidhean buidseit a' teannadh dlùth.

Co-dhùnaidhean duilich

''A-mach às a h-uile comhairle ionadail san rìoghachd tha feumalachdan sònraichte aig na h-eileanan", thuirt e.

''Tha mi a' smaoineachadh gum bi aonta ann eadar a' chomhairle agus buidhnean bhon ghnìomhachas gum feum teas a chur gu làidir air a riaghaltas.''

''Ged a tha a' chomhairle a' cur na h-argamaid airson tuilleadh airgid is taic air adhart a h-uile latha, tha mi a' faireachdainn gun toir seo barrachd neart dha.''

''Cuideachd seallaidh e gu bheil a' choimhearsneachd aonaichte airson plana a chur air adhart gus barrachd ionmhais fhaighinn.''

''Tha fios againn gu bheil co-dhùnaidhean duilich againn sna bliadhnaichean air thoiseach agus chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil ar eaconamaidh làidir gu leòr air son an t-uallach sin fhulaing agus feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn''.