Là mòr airson iomain

  • 7 An t-Sultain 2012

Bidh Baile Ùr an t-Slèibh cha mhòr cinnteach air prìomh lìog na h-iomain a bhuannachadh ma nì iad a' chùis air Gleann Urchadain Disathairne.

Bhiodh iad dà phuing air thoiseach gun ach gèam ri dhol, is fada air thoiseach le tadhail.

Mur am faigh iad an dà phuing ge-tà, bidh cothrom aig Caol Bhòid an lìog fhaighinn.

Cuideachd, tha dà chuairt dheireannaich ann an iomain nam ban Disathairne. Ann an Cupa Valarie Fhriseil, cluichidh Gleann Garadh Obar Dhobhair, agus bidh Srath Ghlais an aghaidh Loch Abair airson Cupa Dùbhlain Marine Harvest.

Bidh an dà ghèam sin ann an Srath Chura.