Bonn airgid do Kharen Darke

  • 6 An t-Sultain 2012
Karen Darke Image copyright PA

Bhuannaich Karen Darke, a bhuineas do Bhaile nan Granndach, bonn airgid ann an deuchainn-ùine H1-2 le rothair-làimhe aig na Geamannan Para-limpigeach ann an Lunnainn.

Chaidh Darke, 41, fhàgail gun lùths fo a broillich às dèidh dhi tuiteam is i a' sreap chreagan nuair a bha i 21.

Fhuair a' Bhana-Aimeireaganach Marianna Davis, a tha an-diugh a' fuireach ann an Inbhir Nis, am bonn òir.

Bidh Darke an sàs ann an rèis rathaid H1-3 nam ban Dihaoine.

Às dèidh nan geamannan, bidh i ag uallachadh airson turas sgithidh anns a' Phòla a Deas.

Chaidh i air turas 600km anns a' Ghraonlainn ann an 2006.

Tha i air Mont Blanc, am Matterhorn agus El Capitan ann an Aimeireaga a shreap agus chaidh i tro Iapan le rothair-làimhe.