Sgoil Ghàidhlig gu bhith an Caol a' Ghearasdain

  • 6 An t-Sultain 2012
Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Bha pàrantan airson an sgoil a thogail air a' Bhlàr Mhòr.

Thug comhairlichean Gàidhealach cead seachad son plana connspaideach son sgoil Ghàidhlig a thogail ann an Caol a' Ghearasdain.

Tha an co-dhùnadh a' dol gu tur an aghaidh bheachdan phàrantan a bha airson an sgoil a thogail air a' Bhlàr Mhòr, faisg air Àrd-sgoil Loch Abair, ach thuirt a' chomhairle gun cosgadh e na millean notaichean a bharrachd son an làrach sin a dhèanamh deiseil mus tòisichear air obair-togail.

Bha deasbad sradagach am measg bhall na co-bhanntachd riaghlaidh san t-seòmar deasbàid aig a' chomhairle ann an Inbhir Nis Diardaoin air a' chùis.

Chaidh a chuir as leth na co-bhanntachd le fear de na buill aca fhèin, gun robh iad a' cleachdadh cus smachd.

Èisteachd

Thuirt an comhairliche Làbarach son a' Ghearasdain, Brian Murphy gun robh a' cho-bhanntachd a' seachnadh Èisteachd ri beachdan nan comhairlichean ionadal ann a Loch Abar 's thuirt e cuideachd gun robh iomagain ann mu thuiltean air an làraich 'sa Chaol - rud a chaidh oifigearan na comhairle às àicheadh.

Chaidh bhòtadh 43 gu 27 airson an làrach sa Chaol, le buill neo-eisimeileach a' bhòtadh leis a' cho-bhanntachd air a shon.

A' bruidhinn às dèidh làimh, thuirt an Comhairliche Murphy gun robh an t-àm ann dhan cho-bhanntachd èisteachd ri na tha an sluagh ag iarraidh - rud nach eil iad air a dhèanamh gu ruige seo, thuirt e.

Cosgaidh am pròiseact mu £4m.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile