Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An t-Sultain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Fhraing

Fhuair Poilis na Frainge lorg air nighean, ceithir bliadhna de dh'aois, a' falach am broinn càr clàraichte ann am Breatainn, far an deach cuirp triùir a lorg ochd uairean de thìde ro làimh. Thathas a' tuigsinn gur e duine, bean agus seanmhair a bh' anns an triùir a chaidh a mharbhadh ann an ionnsaigh ghunna, agus gur e Breatannaich a bh' annta. Fhuairear na cuirp faisg air Loch Annecy ann an earra-dheas na dùthcha. Chaidh nighean eile fhaighinn faisg air a' chàr 's i air a goirteachadh gu dona. Fhuairear corp neach-baidhseagail faisg air làimh cuideachd.

Caibineat na h-Alba

Chaidh Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, às àicheadh chasaidean gu bheil an t-atharrachadh a rinn Ailig Salmond air a' chaibineat aige a' dearbhadh gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' toirt prìomhachais don referendum air neo-eisimeileachd seach nithean eile. An-dè, chaidh Nicola Sturgeon a ghluasad bho Roinn na Slàinte. Tha i a-nis na ministear airson Bun-structair, agus chaidh uallach a thoirt dhith airson an referendum a thathas an dùil a thèid a chumail ann an 2014.

Sgoil Ghàidhlig a' Ghearasdain

Chàin dithis Bhall-Pàrlamaid Albannach Comhairle na Gàidhealtachd son an dòigh a tha iad a' làimhseachadh ceist sgoil Ghàidhlig a' Ghearasdain. Tha Dàibhidh MacThòmais bhon SNP, agus Dàibhidh Stiùbhart aig na Làbaraich, a' riochdachadh dhà de na pàrtaidhean a tha a' ruith co-bhanntachd na Comhairle. Dh'iarr an dithis air comhairlichean gabhail air an socair, air eagal 's gun cuir iad an sgoil anns an àite cheàrr. Tha mòran chomhairlichean airson an sgoil a chur ann an Caol a' Ghearasdain. A rèir Dhàibhidh MhicThòmais, cha ghabhadh an sgoil ann an sin a leudachadh anns an àm ri teachd. Tha pàrantan airson 's gun tèid an sgoil a thogail air a' Bhlàr Mhòr anns a' Ghearasdan.

Ìre na Dibhe

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba co-luadair mu bhith a' lùghdachadh na tha e ceadaichte do dhràibhearan a bhith ag òl gu 50mg. Bhiodh e a' ciallachadh gum biodh na tha ceadaichte nas ìsle ann an Alba an taca ris a' chòrr de Bhreatainn.

Garry MacFhionnghain

Innsidh Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, ann am meadhan an Damhair an tèid an t-eòlaiche coimpiutaireachd, Garry MacFhionnghain, a chur dha na Stàitean Aonaichte. Chuir màthair Mhgr MhicFhionnghain ìmpidh air a' Bh.Ph. May mar thà co-dhùnadh a dhèanamh nas tràithe na sin. Dhearbh am fear-lagha aige ge-tà, gun tèid innse ron 16mh là den Damhair.

Sluagh Earra-Ghàidheal

Feumaidh Earra-Ghàidheal is Bòd tuilleadh in-imreach a thàladh dhan sgìre ma thathas a' dol a chur stad air crìonadh anns an àireimh shluaigh. B' e siud a dh'innis oifigich do Chlàran na h-Alba dha comhairlichean air Comataidh Sgìreil Chinn Tìre, Meadhan Earra-Ghàidheal agus nan Eilean an-dè. Thuirt na h-oifigich gu bheil crìonadh nas luaithe na bha dùil a' tighinn air an àireimh shluaigh ann an Earra-Ghàidheal.