Sgudal niuclasach ga chur don Bheilg

  • 5 An t-Sultain 2012

Thòisich obair gus connadh niuclasach, a chuireadh gu ionad Dhùnrath anns na 90an, a thilleadh dhan àite às an tàinig e.

Bha an seann chonnadh niuclasach ga chur a dh'Alba airson ath-ghiollachd aig Dùnrath, ach thathas a-nis air a' chiad luchd de bharail làn sgudail a chur air ais dhan Bheilg.

Bidh fichead luchd eile a dhìth mus bidh an 123 barail air thilleadh dhan ionad niuclasach aig Mol anns a' Bheilg.