Bonn òir eile do Bhreatainn

  • 3 An t-Sultain 2012
Pamela Relph, Naomi Riches, Daibhidh Mac a' Ghobhainn, Seumas Roe agus Lily van den Broecke. Image copyright Getty Images

Choisinn sgioba iomraidh, anns a bheil fear a bhuineas dhan Aghaidh Mhòir, bonn òir aig na Geamannan Para-limpigeach ann an Lunnainn.

Bhuannaich Daibhidh Mac a' Ghobhainn (meadhan an deilbh) an t-iomradh measgaichte le neach-stiùiridh còmhla ri Seumas Roe, Naomi Riches, Pam Relph agus Lily van den Broecke.

Bho chionn dà bhliadhna, bha Mac a' Ghobhainn, 34, ag ionnsachadh mar a choisicheadh e a-rithist às dèidh dha a bhith a' fulang le aillse na cnàimh-droma.

Thèid bocsa-puist a pheantadh òr anns an Aghaidh Mhòir air a shon agus thèid dealbh dhen sgioba a chur air stampa.