Iomairt Inbhir Aora a sgeadachadh

  • 3 An t-Sultain 2012
Baile Inbhir Aora Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha dùil gun cosgadh e £3m uile gu lèir airson am baile a sgeadachadh.

Tha muinntir Inbhir Aora ann an Earra-Ghàidheal a' dol a dh'iarraidh £1m bho Alba Aosmhor gus ath-leasachadh a dhèanamh air coltas agus air togalaichean a' bhaile.

Thòisich iomairt às dèidh coinneimh sa Ghiblean le dùil gum biodh mu £3m a dhìth gus càradh agus ath-leasachadh a dhèanamh air coltas a' bhaile.

Tha na togalaichean ann uile clàraichte, agus am baile air a chruthachadh anns an 18mh Linn leis an treas Diùc Earra-Ghàidheal.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile