Sgoil Ghàidhlig sna h-Eileanan Siar?

  • 31 An Lùnasdal 2012
Sgoil
Image caption Chan eil sgoil Ghàidhlig anns na h-Eileanan Siar.

Bu chòir do Chomhairle nan Eilean Siar beachdachadh air sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh, a rèir Cheannard Bhòrd na Gàidhlig, Iain Aonghas MacAoidh.

Mhol Mgr MacAoidh an taic a tha a' Chomhairle a' cur ris a' Ghàidhlig, ach thuirt e gu bheil sgoiltean anns na h-Eileanan fhathast anns am faodadh tuilleadh chloinne a bhith a' dol taobh na Gàidhlig.

"Mur a h-eil thu a' dèanamh nas fheàrr, thèid cùisean air ais," thuirt Mgr MacAoidh.

"'S chì sinn gu bheil sgoiltean ann an seo mar eisimpleir anns na h-Eileanan Siar, far nach eil an àireamh anns a' cheud a tha a' dol a-steach cho àrd 's a tha i ann an sgoiltean eile.

"Tha sinn a' faicinn chothroman ann an caochladh àiteachan airson cùisean a thoirt am feabhas anns na h-Eileanan Siar, anns na sgoiltean.

"Tha a' mhòr-chuid de sin co-cheangailte ris na tha de chloinn a' dol a-steach dha na sgoiltean mun cuairt air Steòrnabhagh.

"Sin far a bheil an sluagh as motha sna h-Eileanan, agus feumaidh sinn barrachd a dhèanamh airson barrachd den chloinn a th' anns na h-àrainnean sin fhaighinn a-steach gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile