Fear air a leòn le craoibh an Cataibh

Tha duine iòsail san ospadal ann an Obar Dheathain an dèidh tubaiste ann an coille ann a' meadhan Chataibh.

Bha an duine ag obair ann an coille ann an Achadh Taigh Phairidh, eadar an Luirg agus Ceann Loch Biorabhaidh nuair a thàinig craobh a-nuas air.

Fhuair e droch bhuille mun cheann.

Thog heileacoptair nam Maor-Cladaich e chun an ospadail ann an Inbhir nis, agus chaidh a ghluasad gu Obar Dheathain goirid an dèidh sin.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.