Cidhe Phort Ilein ga fhosgladh

  • 30 An Lùnasdal 2012
MV Finlaggan
Image caption B'fheudar leasachadh a thoirt air a' chidhe mu choinneimh an t-soithich ùir, MV Finlaggan.

Thèid cidhe ùr Phort Ilein ann an Ìle fhosgladh gu h-oifigeil Diardaoin.

Chaidh obair-leasachaidh luach £3.4m a dhèanamh air, gus am freagradh e air a' bhat-aiseig ùr, am Finlaggan.

Ach dh'innis Caledonian Mac a' Bhriuthainn bho chionn ghoirid gun tèid am bàta a chur air slighe eile tro mhìosan a' Gheamhraidh.

A dh'aindheoin sin, tha Comhairliche an eilein, Robin Currie, ag ràdh gun dèan an cidhe ùr feum mhòr do dh'Ìle anns na bliadhnaichean ri teachd.

"Tha e gu math fhèin cudromach. Tha e cudromach airson a' bhàt-aiseig a' tighinn a-steach am Port Ilein, airson bhàtaichean-siùil, agus airson nam bàtaichean-iasgaich cuideachd," thuirt e.

"Tha sinn gu math fhèin toilichte gu bheil airgead a-nis air a chosg air Port Ilein, 's tha e ag amharc uabhasach fhèin math," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile