Poileasaidh ùr còmhdhail sgoile

  • 29 An Lùnasdal 2012
Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Bha pàrantan feargach mu phlanaichean gus còmhdhail sgoile atharrachadh.

Tha Comataidh Foghlaim Chomhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad air èisteachd ri draghan phàrantan mu sgeama far am feum barrachd cloinne pàigheadh airson bus fhaighinn dhan sgoil.

Dh'aontaich na buill gum feum pàrantan pàigheadh airson an cuid cloinne a chur air bus, ma tha iad taobh a-staigh dà mhìle bhon bhun-sgoil, neo trì mìle bhon àrd-sgoil.

Cha bhi uidhir ri phàigheadh ma tha barrachd na aon leanabh aig teaghlach san sgoil.

Ma dh'aontaicheas an Làn-Chomhairle ris, thèid am poileasaidh ùr a thoirt a-steach às dèidh saor-làithean an Damhair.

Càirtean

"Bidh a' phrìs rèidh air feadh nan teirmean gu lèir, agus tha e furasta dha pàrantan pàigheadh an-àirde àn àite airgead a chur a-mach on aon shuim," thuirt Cathraiche an Fhoghlaim, Catriona Stiùbhart.

"Ach tha e comasach dhaibh sin a dhèanamh ma tha iad ag iarraidh sin a dhèanamh.

"Ach bha sinn cuideachd a' coimhead far an robh teaghlaichean, far an robh barrachd air aon leanabh mar eisimpleir, agus gun coimheadadh sinn ris a' phrìs a lùghdachadh airson a dhèanamh furasta dhaibh a phàigheadh.

"Tha sinn cuideachd an dòchas can mu àm na Càisge an ath-bhliadhna gum bi pròiseact pìleat againn airson coimhead ri càirtean a thoirt dha cloinn, agus far am b' urrainn dha pàrantan airgead a chur air a' chàirt, mar a tha iad a' dèanamh an-dràsta a thaobh biadh anns na sgoiltean againn," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile