Dàibhearan poilis a' cuideachadh ann an iomairt Gheàrrloch

  • 28 An Lùnasdal 2012
Eoghainn Peutan, Eoghainn òg, agus Jamie Image copyright Other
Image caption Eoghainn Peutan, Eoghainn òg, agus Jamie

Thèid dàibhearan bho Phoilis Roinn a' Mhonaidh an sàs anns an rannsachadh airson fhir a chailleadh anns an tubaist chanù sa mhuir faisg air Geàrrloch air an deireadh-sheachdain.

Tha dùil gun deach Eoghainn Peutan, aois 32, agus a bhuinneadh don Mhanchainn, a bhàthadh nuair a chur a' churach car agus sianar air bòrd.

Chaidh a dhithis mhac, Eoghainn òg agus Jamie a bhàthadh, cuide ri nighean còig bliadhna de dh'aois, Gracie NicAoidh.

Fhuair dithis eile, athair agus piuthair Gracie, às an tubaist beò.

Shnàimh iadsan chun a' chladaich, agus chuir iad fios air na Maoir-Chladaich.

Bha sianar sa bhàta nuair a chuir i car dhith anns a' Chaolas Bheag, eadar Sannda Mhòr agus Eilean Longa feasgar na Sàbaid.

Chaidh iomairt teasairginn a chur air dòigh, 's chaidh lorg fhaighinn air an dithis bhalach.

Bhàsaich Gracie NicAoidh ann an Ospadal Yorkhill ann an Glaschu feasgar Diluain.

Bha heileacoptair nam Maor-Cladaich, agus bàtaichean teasairginn bho Phort Rìgh, Geàrrloch agus Loch Iù an sàs anns an iomairt.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile