Grunn thubaistean-rathaid air Ghàidhealtachd

  • 27 An Lùnasdal 2012

An dèidh grunn thubaistean-rathaid air an deireadh-sheachdain chaochaill fear agus tè ann an tubaist le motor-traidhseagal Harley Davidson gu Deas air Inbhir Nis.

Thachair an tubaist feasgar Disathairne air an A9 faisg air Tom Aitinn.

Chaochaill fireanach faisg air an Òban an dèidh mar a bhuail càr ann air an A85 faisg air cladh Peighinn Phùir.

An dèidh tubaiste air an A82 gu Deas air Inbhir Nis Dihaoine eadar dà charbad tha fireannach fhathast san ospadal an dèidh mar a chaidh a leòn gu dona mun stamaig.