Dè a' Ghàidhlig air Portcullis?

Caisteal Dhùn Èideann Chan eil aonta fhathast air rudan a b'àbhaist a bhith aithnichte.

Sgeulachdan co-cheangailte

'S e fear de na rudan as doirbhe mu bhith a' sgrìobhadh sa Ghàidhlig, no ri obair eadar-theangachaidh sa chànan, cho mòr 's a tha i air faclan mionaideach a chall thar nam bliadhnaichean.

'S beag an adhbhar a bh' aig Gàidheil thairis air a' bheagan linntean mu dheireadh, can, a bhith tuigseach air ainmean phàirtean caisteil, mar eisimpleir. No na chanadh iad ri diofar phàirtean de dh'èideadh armach rìdire sna Meadhan Aoisean.

Chanadh gu leòr gun robh an call sin nàdarra gu leòr, 's bhiodh iad ceart. Chan eil raon sam bith air a bhith ann o chionn fhada sam biodhte a' bruidhinn mun leithid anns a' Ghàidhlig.

Tha an aon rud fìor mun Bheurla - ach tha am briathrachas sin stèidhichte, cunbhalach, agus aithnichte.

Eirc-chòmhla

Nuair a sgrìobhas tidsear duilleag-obrach airson eachdraidh a theagasg do chloinn tro mheadhan na Beurla, chan eil ceist ann mu na facail, oir chaidh an tuigse sin a ghlèidheadh, agus tro shiostam an fhoghlaim, chaidh a sgapadh am measg an t-sluaigh.

Cha do thachair sin leis a' Ghàidhlig, ach a-mhàin 's dòcha sa Bhìoball, far an deach gu leòr de rudan mar sin a ghlèidheadh. 'S beag an dream a-nise a thuigeas Gàidhlig a' Bhìobaill gu furasta ge-tà.

BRIATHRACHAS DWELLY

  • Portcullis - Eirc-chòmhla
  • Drawbridge - Drochaid-thogalach
  • Suit of Armour - Fithcheall
  • Moat - Staing
  • Courtyard - Preaban

Tha ceist ann mar sin, mu na bu chòir gabhail air rudan leithid Battlement, Portcullis, Murder-holes, Seige-towers, agus Mace-and-chain, mar eisimpleir.

Can nam biodh cuideigin ag ullachadh bhòrd fiosrachaidh sa Ghàidhlig airson a dhol mar phàirt de na tha shuas a' mìneachadh eachdraidh Chaisteil Dhùn Èideann - rud cho cudromach ann an eachdraidh na h-Alba 's nach gabhadh smaoineachadh air an dùthaich às aonais, dh'fhaodadh tu a ràdh.

Bhiodh ceist ann am biodh cainnt na dùthcha san là th' ann a' freagairt air an obair.

An sgrìobhadh iad an aon rud air sally-port 's a sgrìobhadh an dàrna eadar-theangaire? Droch sheansa.

Tha oidhirp a' dol a rèir na trioblaid sin, aig a' bhuidhinn Alba Aosmhor. Tha iad a' feuchainn ri ainmean aontachadh airson an leithid de rudan, gus an gabh an cleachdadh gun cheist.

"Tha sinn air maoineachadh fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig, agus tha sinn a' dol a bhith ag obair leis a' Choimisean Rìoghail, agus le Urras Nàiseanta na h-Alba, agus cuideachd le Stòrrlann, gus liosta a chruthachadh de dh'fhaclan 's de bhriathrachas co-cheangailte ris an àrainneachd eachdraidheil," thuirt Ciorstaidh NicDhòmhnaill, bho Alba Aosmhor.

Quantitative Easing

"Facail mu dhèidhinn arceòlais, agus chaistealan, agus seann eachdraidh 's rudan mar sin.

Start Quote

rud cruinn sam bith à Linn an Iarrainn, 's e "Dùn" a th' againn air sa Ghàidhlig.”

End Quote Ciorstaidh NicDhòmhnaill Alba Aosmhor

"'S ann dhan a h-uile duine a bhios e. Tha sinn an dòchas gum bi e gu math feumail, gu h-àraid do sgoiltean, agus cuideachd do dh'eadar-theangairean a tha ag obair air rudan dìreach gus am bi rudeigin cunbhalach aca is urrainn dhaibh a chleachdadh ma tha ceist ann a thaobh na Gàidhlig air siud no seo.

"Gu math tric tha seann fhacal ann, ach chan eil fhios againn an e sin an rud as fheàrr a chleachdadh, ma tha e gu math seann-fhasanta. 'S dòcha gu bheil e nas fheàrr facal ùr a dhèanamh, no dìreach am facal Beurla fhèin a chleachdadh.

"Tha an t-uabhas rudan ann a dh'fheumas tu smaoineachdainn air.

"Tha mise an còmhnaidh a' smaoineachdainn air an fhacal "Dùn" anns a' Ghàidhlig.

"Niste, anns a' Bheurla tha an t-uabhas faclan againn. Tha Broch, agus Dun, agus, Wheelhouse, Roundhouse - gu dearbha rud cruinn sam bith à Linn an Iarrainn, 's e "Dùn" a th' againn air sa Ghàidhlig.

"Ach 's i a' cheist can a-niste airson sgoiltean, airson daoine a tha a' foghlam eachdraidh agus rudan mar sin, a bheil feum againn air Gàidhlig airson gach rud a tha sin.

"Air neo am faod sinn dìreach dùn a chleachdadh?

"Mar sin, chan ann dìreach gum biodh sinn a' cruthachadh liosta 's a' dèanamh fhaclan, ach a' dèanamh rannsachaidh air an dòigh as fheàrr air an t-seòrsa rud a tha seo a leasachadh," thuirt i.

Sin agad an eachdraidh ma-tha.

Ach nuair a thèid an là an-diugh na eachdraidh, am bi buidheann a' coimhead air ais agus a' feuchainn ri Gàidhlig fhaighinn air na rudan a bha cumanta nar beatha?

Leithid "Shower, smartphone, quantitative easing no sandwich."

Gu dearbha, 's gann gu bheil fios againn fhèin.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.