£18m do thaigheadas an Earra-Ghàidheal

  • 24 An Lùnasdal 2012
Làrach-togail
Image caption Tha companaidhean ionadail airson a bhith cinnteach gur iadsan a gheibh prìomhachas airson an airgid.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' dol a chur £18m a bharrachd ri taigheadas anns an sgìre.

Choinnich buill air 23mh an Lùnastal, agus bheachdaich iad iar sia pròiseactan airson dèiligeadh ris na duilgheadasan a th' a' cuairteachadh taigheadais.

Tha iad am beachd airgead a chosg air taighean anns nach eil duine a' fuireach an-dràsta a sgeadachadh, am measg sgeamaichean eile.

Cuiridh iad Sgeama Mhorgaids Ùghdarrais Ionadail air bhonn, a bheir cuideachadh do dhaoine a dh'fheumas iasad de 95% a thoirt a-mach, agus a tha an urrainn suimean a phàigheadh gach mìos ach nach fhaigh air cnap-airgid mhòr a chur a-steach.

Taighean Falamh

Tha iad cuideachd am beachd, gach bliadhna, deich taighean nach eil air an cleachdadh a thoirt air ais gach bliadhna, le bhith a' toirt grantaichean don fheadhainn leis a bheil iad, fhad 's a thèid an dearbhadh le uachdaran sòisealta airson co-dhiù deich bliadhna.

Thèid na sgeamaichean a mhaoineachadh le bhith a' cleachdadh £8.35m bho Stòras Amais an Taigheadais, a thuilleadh air maoineachadh suas ri £9.5m bho stòrasan na Comhairle.

Tha Iain MacAsgail bhon chompanaidh togail iondail MacLeòid, ag ràdh gu bheil e cudromach gun tèid an obair do chompanaidhean anns an sgìre.

"Bhiodh sinn an dòchas gun cuidicheadh sin ann an dòigh mhath," thuirt e.

"Tha sinne mar a h-uile companaidh eile, feumaidh sinn a bhith glè fhaiceallach leis na tha sinn a' dèanamh an-dràsta.

"Agus 's e an rud a tha sinn a' faicinn gu bheil companaidhean eile a' tighinn a-steach, agus feumaidh sinn a bhith gu math teann leis a h-uile càil a tha sinn a' dèanamh.

"Tha riaghailtean ann, ach cuideachd dh'fhaodadh an riaghaltas ann an Earra-Ghàidheal barrachd chuideim a chur air companaidhean a tha stèidhichte anns an àite fhèin, agus feumaidh sinn a dhèanamh cinnteach gun tachair sin, agus nach bi sinn anns an aon shuidheachadh 's a bha na companaidhean anns na h-Eileanan," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile