Plèana a bharrachd aig Loganair

  • 23 An Lùnasdal 2012
Proipealair itealain
Image caption Tha gearainnean air a bhith ann o chionn ghreis mu sheirbheisean a bhith gan cur dheth.

Tha Loganair, a tha a' ruith sheirbheisean adhair Flybe dha na h-Eileanan air innse do Chomhairle nan Eilean Siar gu bheil iad air plèana a bharrachd fhaighinn airson nan seirbheisean sin.

Tha seo mar oidhirp air fuasgladh fhaighinn air gearainnean a bh' ann bho chionn treis mu sheirbheisean adhair gan cur dheth gun rabhadh, agus gu bheil plèanaichean air tighinn a-steach air aon einnsean.

"Tha iad fhèin a' gabhail ris gu bheil trioblaidean air a bhith aca," thuirt Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

"Gu h-àraid anns na dhà no thrì mìosan a chaidh seachad.

"Tha iad a-nis ag ràdh gu bheil iad air itealan eile a thoirt a-steach dhan t-seirbheis aca agus nach bu chòir dha sin a bhith a' tachairt bho seo a-mach, ach dìreach mar a dhùilicheadh daoine san àbhaist, an-dràsta 's a-rithist gum bi atharrachaidhean ann a thaobh aimsire.

"'S dòcha uaireannan itealan a' dol dheth air sgàth 's gu bheil rudeigin a' dol ceàrr air.

"Ach cha bu chòir dha a bhith a' tachairt ro thric.

"Uaireannan chan eil e comasach dha na pìleatan a bhith a' siubhail air sgàth 's gu bheil na h-uairean aca air a dhol ro àrd, agus tha sin a' ciallachadh gum bi gu math tric seirbheisean a tha air an cur dheth, gur ann aig deireadh an là a tha iad, agus tha sinn a' tuigsinn nan adhbharan airson sin, ach a-rithist bha iad a' gealltainn gun toireadh iad sùil air sin 's gum feuchadh iad ri rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile