Dìon air làimhseachadh dealbhachaidh

  • 22 An Lùnasdal 2012
Prìomh oifisean Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Chaidh innse do bhuill nach gabhadh cur an aghaidh nam planaichean.

Chuir cathraiche na comataidh dealbhachaidh a thug cead farsainn do bhaile ùr eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narrann dìon air mar a tha Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith a' dèiligeadh ris na planaichean.

Bha cuid de chomhairlichean a tha an aghaidh nam planaichean airson 4,960 dachaigh a thogail aig Tòrr na Grèine feargach, leis nach robh fiù 's cothrom ann bhòtadh air na planaichean aig coinneamh Dimàirt, seach gun robh iad mar thà sa Phlana Leasachaidh Ionadail (HwLDP).

Ach thuirt an Comh. Jimmy Gray, a tha os cionn na comataidh, gun robh cothrom aca coimhead ris na cùmhnantan a bhiodh an cois nam planaichean, ach nach gabhadh an dìùltadh aig an ìre seo.

Tha dragh ann mun bhuaidh a bheireadh am baile ùr air goireasan agus bun-structar san sgìre, agus chlàr naoinear chomhairlichean an cuid feirge gu h-oifigeil leis nach d'fhuair iad cothrom air bhòt a chumail.

Ma gheibh a' chiad earrann den bhaile cead deireannach, dh'fhaodadh gun tòisich an obair togail ann an 2013, agus gun lean togail a' bhaile ùir, a bhiodh na bu mhotha na tha baile Inbhir Narrann an-dràsta, thairis air an ath 30-40 bliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile