Deugaire marbh às dèidh tubaist-rathaid ann an Earra-Ghàidheal

  • 22 An Lùnasdal 2012

Tha deugaire air bàsachadh às dèidh tubaist-rathaid air an A83 ann an Earra-Ghàidheal.

Bha an nighean, aois 17, ann an Honda Civic a chaidh far an rathaid eadar Ceann Loch Gilb agus an Tairbeart mu 8:25f oidhche Luain.

Chaochaill i ann an Ospadal Rìoghail Ghlaschu.

Bha fireannach, 34, a bha a' dràibheadh a' chàir, agus boireannach, 33, a bh' anns a' chàr cuideachd air an toirt dhan ospadal is iad air an goirteachadh mu an amhaichean agus mu an casan.

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic an tubaist fios a chur thuca.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile