Gearraidhean Chomhairle na Gàidhealtachd

  • 21 An Lùnasdal 2012

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh bheachd a' phobaill mu mar a thèid aca air £12m a shàbhaladh ron a' Ghiblean 2015.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil iad airson cluinntinn bho dhaoine mu dè na seirbheisean a bu chòir prìomhachas fhaighinn nuair a thig e gu bhith a' stèidheachadh a' bhuidseit aca.

Feumaidh a' Chomhairle £30m a ghearradh far a' bhuidseit aca uile gu lèir, agus tha iad air £18m de shàbhalaidhean a chomharrachadh mar-thà.

Thuirt Ceannard Buidseit na Comhairle, an Comh. Dave Fallows, nach ann mu bhith a' gearradh sheirbheisean a tha an co-chomhairleachadh, ach airson dèanamh cinnteach gun tèid seirbheisean a tha an sluagh a' meas riatanach, a ghlèidheadh.

Diofar roghainnean

Tha dùil gum faodadh foghlam a bhith a-measg nan roinnean air an toir na gearraidhean buaidh.

Thèid coimhead ri bhith a' lùghdachadh là na sgoile gach uair a thìde gach là airson cuid de chloinn-sgoile.

Tha a' Chomhairle a' dèanamh dheth gum faodadh sin £3.2m a shàbhaladh dhaibh.

Tha cosgaisean tiodhlaicaidh a-measg nan gnothaichean eile air an tèid beachdachadh.

'S ann anns a' Ghearran an ath-bhliadhna a thèid buidseat na Comhairle a stèidheachadh.

Thuirt Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, an Comh. Drew Hendry, gu robh na beachdan a fhuair iad bhon phoball bho chionn dà bhliadhna air a bhith gu math feumail, agus gum faodadh na chluinneas iad an turas seo buaidh a thoirt air na poileasaidhean aca anns an ùine romhainn.