Tubaist-rathaid mhairbhteach an Leòdhas

  • 21 An Lùnasdal 2012

Tha boireannach air bàsachadh às dèidh tubaist-rathaid ann an Leòdhas Diluain.

Thachair an tubaist, anns an robh dà chàr an sàs, air an A857 mu dhà mhìle tuath air Steòrnabhagh, beagan às dèidh 3:00f.

Chaidh dithis eile a ghoirteachadh anns an tubaist.

Tha an rathad eadar Steòrnabhagh agus Barbhas fhathast dùinte, ach tha slighe eile fosgailte timcheall air Beinn na Saighde agus Rathad nam Bèicearan.

Tha Poilis a' Chinn a Tuath ag iarraidh cluinntinn bho dhuine sam bith a chunnaic an tubaist.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile